Celtic Heart Mailing List

Stay up to date with news & events


cànan

1

Tòimhseachain / Riddles

Feb 26, 2013
Posted by

Cluinnear tòimhseachain anns a' h-uile cànan, tha mi cinnteach. 'Sa Bheurla bidh iad gu tric car mar seo: Cò mheud ( seòrsa de dhuine) a dh' fheumar airson bolgan-solais ùr a chuir ann?  - Ceud 'sa h-aon. Aonar airson greim a chumail air a' bholgan agus ceud airson an taigh' a thogail 's a thionndaidh mu 'n cuairt. ( A' sealltainn nach ann tapaidh a tha 'ad! )

Saoghal Fada na Gàidhlig / The Wide World of Gaelic

Sep 6, 2012
Posted by

Saoilidh mi gu tric cho tlachdmhor 's a tha e bhith 'g obair ann an saoghal na Gàidhlig, agus 's e a' phrìomh aobhar a th' ann na daoine gasda ris an tachair thu.

Mar a bhios mi teagasg na Gàidhlig air loidhne leis an Acadamaidh Gàidhlig an Atlantaig, cuiridh mi an aithne air iomadh duine á àiteachan céin, eadar Aimeiriaga a Tuath, Roinn Eòrpa, an Deas Roinn agus Aisia - agus a h-uile neach aca ri ionnsachadh na Gàidhlig!

CO-CHEANGLAIDHEAN / CONNECTIONS

Apr 23, 2012
Posted by

O chionn ghreis chuir mi seachad dà latha ri teagasg òrain Ghàidhlig do chloinn aig An Roinn Cheilteach de 'n Sgoil Dhannsaidh aig Ceallaigh Nic Artair ann an Cnoc an Iar, Ceap Breatainn. 'S e dannsairean a bh' anns a' mhór-chuid dhe na sgoilearan agus bha 'ad air an togail le bhith dannsadh do sheinn seach inneal ciùil.  Rinneadh co-cheangladh glan eadar cànan 'is ceòl 'is dannsa, agus a' chlann 'gan ionnsachadh uile.

Càit' an Cluinnear a' Ghàidhlig ann an Ceap Breatainn?/ Where Can Gaelic Be Heard in Cape Breton?

Jun 15, 2011
Posted by

Càit' an Cluinnear a' Ghàidhlig ann an Ceap Breatainn?

'S e a' cheist a chuir mi romham, " Càit' an cluinnear a' Ghàidhlig ann an Ceap Breatainn?" agus feumaidh mi aideachadh gum bi mi fo eisimeil dhaoin' eile gus fios a' bharrachd air mo chuid fhìn a chuir ris an airteagail seo. Innsidh mi dhuibh roinn dhe na tha fios agam air ( Cha bhi an airteagail ach goirid! ) , ach 's cinnteach gu bheil tachartasan eile ann air nach eil mi eòlach.

2

Carson a Dh' ionnsaichear a' Ghàidhlig?/Why Learn Gaelic?

Mar 1, 2011
Posted by

Carson a Dh' ionnsaichear a' Ghàidhlig?

'S e obair mhór a th' ann an ionnsachadh cànan sam bith - obair bheatha chanadh cuid. Carson a bhiodh e feumail obair cho mór a chuir ann gus cànan eile a bhruidhinn?

Ciamar a dh' Ionnsaicheas Mi a' Ghàidhlig? - How Do I Learn Gaelic?

Feb 16, 2011
Posted by

Ciamar a dh' Ionnsaicheas Mi a' Ghàidhlig?

Bidh iomadh duine a' cantainn gum bu toil leis a' Ghàidhlig dh' ionnsachadh ach chan eil 'ad cinnteach ciamar a ghabhas sin a dheanamh. Tha mi toilichte a dh' ràdh gu bheil móran chothruim ann an diugh seach mar a bha bho chionn ghoirid.

Chan e Cainnt Shasannaich a th' Innte! / It's Not English!

Nov 4, 2010
Posted by

Chan e Cainnt Shasannaich a th' Innte!

'S dòcha gum bi daoin' a' smaointinn nach bi anns a' Ghàidhlig ach fuaimnean eile airson an aon chuid de smaointinn a bhiodh aig duine 'sa Bheurla, no ann an cànan sam bith eile. Ach chan ann fìor a tha sin. Bidh smaointinnean sònraichte agus dòighean-smaoinichidh diofairichte anns a' h-uile chànain, agus bidh roinn dhiubh gu math eadar-dhealaichte bho chéile.

Top