Celtic Heart Mailing List

Stay up to date with news & events


Tales Til Dawn

Chan e Cainnt Shasannaich a th' Innte! / It's Not English!

Nov 4, 2010
Posted by Angus MacLeod

Chan e Cainnt Shasannaich a th' Innte!

'S dòcha gum bi daoin' a' smaointinn nach bi anns a' Ghàidhlig ach fuaimnean eile airson an aon chuid de smaointinn a bhiodh aig duine 'sa Bheurla, no ann an cànan sam bith eile. Ach chan ann fìor a tha sin. Bidh smaointinnean sònraichte agus dòighean-smaoinichidh diofairichte anns a' h-uile chànain, agus bidh roinn dhiubh gu math eadar-dhealaichte bho chéile.

1

Innsidh Sinn Sgeòil a Seo!/We Tell Stories Here!

Jul 14, 2010
Posted by Angus MacLeod

'S e cleachdadh làidir a bh' aig na Gàidheil bho chian nan cian a bhith ag aithris sgeulachdan, seachadas a bha air dol á cleachdadh ann an Ceap Breatainn bho chionn greis. Nan rachadh duine do cheilidh, is cinnteach gun cluinneadh e ceòl na fìdhle, ceòl na clàrsaiche móire, agus a bu dòcha òrain agus innealan ciùil eile 'gan cluich, ach sgeulachdan...? 

Top