Anmoch a 's t-samhradh an uiridh thàinig grunn de dhaoine còmhla gus fiolm Gàidhlig a dheasachadh ann an Ceap Breatainn. 'S e "Ruidhl' an Fhìdhleir" a bh' air 'is chaidh a sgrìobhadh le Marc Almon às a' Bhaile Mhór.
Mar a chanas an seanfhacal, " 'S iomadh rud a thig air laogh air nach do shaoil a mhàthair." Agus 's iomadh rud a tha tachair ann an Ceap Breatainn a thaobh na Gàidhlig na laithean air nach smaoineachadh daoine bho chionn fichead bliadhna.