Celtic Heart Mailing List

Stay up to date with news & events


Ghàidhlig

Abairtean / Sayings

May 15, 2012
Posted by Angus MacLeod

 

'Nuair a bha mi draibheadh air an Eilean Mhór an diugh ann an dìle bhàite, smaoinich mi air na h-abairtean Ghàidhlig a th' ann airson na sìde agus rudan eile... ach is tric nach gabh iad eadar-theangachadh gu 'n Bheurla gu ro mhath!

CO-CHEANGLAIDHEAN / CONNECTIONS

Apr 23, 2012
Posted by Angus MacLeod

O chionn ghreis chuir mi seachad dà latha ri teagasg òrain Ghàidhlig do chloinn aig An Roinn Cheilteach de 'n Sgoil Dhannsaidh aig Ceallaigh Nic Artair ann an Cnoc an Iar, Ceap Breatainn. 'S e dannsairean a bh' anns a' mhór-chuid dhe na sgoilearan agus bha 'ad air an togail le bhith dannsadh do sheinn seach inneal ciùil.  Rinneadh co-cheangladh glan eadar cànan 'is ceòl 'is dannsa, agus a' chlann 'gan ionnsachadh uile.

1

Aimsirean Eile/ The Other Seasons

Jun 15, 2011
Posted by Angus MacLeod

Aimsirean Eile

Samhradh ann an Ceap Breatainn -- 'S gann a bhios oidhch' ann 'nuair nach bi dà no trì tachartasan do 'm bu toil leam a dhol. Cuirmeam-ciùil, dannsaichean, luaidhean, ceilidhean, agus iomadh àite far am bi measgachadh dhiubh agus a' bharrachd ri fhaicinn 's ri chluinntinn.

1

Gàidhlig aig Baile / Gaelic in the Home

May 27, 2011
Posted by Angus MacLeod

Gàidhlig aig Baile

Thòisich o chionn ghoirid clasaichean Ghàidhlig air a' Chladach a Tuath, Ceap Breatainn, àite ás an d' thàinig iomadh seinneadair ainmeil 'san fhicheadamh linn, ach àite anns nach robh ach fìor bheag de Ghàidhlig ri cluinntinn a nis, agus àite anns nach robh, ri mo chuid fhiosrachd, ùigh sam bith oirre.

Chan e Cainnt Shasannaich a th' Innte! / It's Not English!

Nov 4, 2010
Posted by Angus MacLeod

Chan e Cainnt Shasannaich a th' Innte!

'S dòcha gum bi daoin' a' smaointinn nach bi anns a' Ghàidhlig ach fuaimnean eile airson an aon chuid de smaointinn a bhiodh aig duine 'sa Bheurla, no ann an cànan sam bith eile. Ach chan ann fìor a tha sin. Bidh smaointinnean sònraichte agus dòighean-smaoinichidh diofairichte anns a' h-uile chànain, agus bidh roinn dhiubh gu math eadar-dhealaichte bho chéile.

Top