Celtic Heart Mailing List

Stay up to date with news & events


a' Cholaisde Ghàidhlig

CO-CHEANGLAIDHEAN / CONNECTIONS

Apr 23, 2012
Posted by Angus MacLeod

O chionn ghreis chuir mi seachad dà latha ri teagasg òrain Ghàidhlig do chloinn aig An Roinn Cheilteach de 'n Sgoil Dhannsaidh aig Ceallaigh Nic Artair ann an Cnoc an Iar, Ceap Breatainn. 'S e dannsairean a bh' anns a' mhór-chuid dhe na sgoilearan agus bha 'ad air an togail le bhith dannsadh do sheinn seach inneal ciùil.  Rinneadh co-cheangladh glan eadar cànan 'is ceòl 'is dannsa, agus a' chlann 'gan ionnsachadh uile.

Cùrsaichean Gàidhlig air an eadar-lìn / Gaelic Courses on the Internet

Dec 6, 2011
Posted by Angus MacLeod

'S a' cheud dol amach feumiadh mi aideachadh nach eil mi uile-eòlach air na cùrsaichean Gàidhlig a bhios ri fhaotainn air an eadar-lìn ach sgrìobhaidh mi rud beag air na tha fhios agam air, na bhios ri fhaotainn air taobh seo a' Chuain Shiair co dhùbh.

Càit' an Cluinnear a' Ghàidhlig ann an Ceap Breatainn?/ Where Can Gaelic Be Heard in Cape Breton?

Jun 15, 2011
Posted by Angus MacLeod

Càit' an Cluinnear a' Ghàidhlig ann an Ceap Breatainn?

'S e a' cheist a chuir mi romham, " Càit' an cluinnear a' Ghàidhlig ann an Ceap Breatainn?" agus feumaidh mi aideachadh gum bi mi fo eisimeil dhaoin' eile gus fios a' bharrachd air mo chuid fhìn a chuir ris an airteagail seo. Innsidh mi dhuibh roinn dhe na tha fios agam air ( Cha bhi an airteagail ach goirid! ) , ach 's cinnteach gu bheil tachartasan eile ann air nach eil mi eòlach.

Top