Mar a sgrìobhas mi am blog seo, bidh a' bhliadhn' ùr a' teannadh oirnn a rithist agus mu 'n àm seo gach bliadhna tòisichidh mi ri smaointinn air na mìosan 'sa Ghàidhlig 'is 'sa Bheurla.
Tha mi an còmhnuidh toilichte leis an uiread de Ghàidhlig a bhios ri fhaotainn an duigh tro iomadh meadhan - ma bhios fios agaibh càit' am faighear iad! Bu toil leam fios a chuir thugaibh air programan ris a dh' fhaodas sibh éisdeachd, mu dheidhinn 's dòchas nach cuala sibh roimhe seo.