Bho chionn bliadhnaichean gun àireamh cha robh ach aon tìr-mhór air an domhainn, air ainm "Pangea". 'Nuair nach robh ach Pangea air aghaidh an t-saoghail, bha Alba agus Alba Nuadh taobh ri taobh, còmhla ri chéile. Mar a thòisich an Cuan Siar ri leudachadh, rinn e dealachadh air an dà àite gus an diugh tha iad gu math fada far a chéile.