'Nuair a dh' éisdeas daoine ri ceòl Ghàidhlig, cluinnear gu bheil iomadh òran air a dheasachadh air an aon fhonn. Bidh cuid de dhaoine a' smaointinn gur e fàilligeadh nam bàrd a th' a's coireach ach chan e sin a' chùis.
'Nuair a thàinig na Gaidheil gu Ceap Breatainn an tùs, cha robh 'ad idir toilichte an dùthaich fhéin fhàgail, agus bidh sin seo-chluinntinn 'sna h-òrain a rinn agus a ghabh iad an déidh dhaibh tighinn a' seo.